Sveriges 100 mest populära podcasts

Taghta

Taghta

Sreath de phodcastan bho sgioba nan naidheachdan a? toirt sgrìob tro na cuspairean as cudromaiche ?sna naidheachdan an diugh.

A series of podcasts from BBC Naidheachdan, looking at the most important topics in the news today.

Prenumerera

iTunes / Overcast / RSS

Webbplats

bbc.co.uk/programmes/p099dcv8

Avsnitt

Humza Yousaf air a dhreuchd fhàgail

Tha Anndra MacFhionghain a' toirt sùil air mar a tha Humza Yousaf air a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear fhàgail

2024-04-30
Länk till avsnitt

Obair-lannsa mesh: Turas fada gu faochadh

Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.

2024-04-02
Länk till avsnitt

Tidsearan Gàidhlig: Dùbhlain agus dòchas

Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.

2024-03-29
Länk till avsnitt

Sgainneal IT Horizon: Sgeulachd Anne Quarm

Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.

2024-01-12
Länk till avsnitt

Ruaraidh MacThòmais

Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.

2024-01-12
Länk till avsnitt

100 bliadhna de chraoladh Ghàidhlig

Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.

2023-12-05
Länk till avsnitt

Mòdcast: Pàislig

Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.

2023-10-27
Länk till avsnitt

Mòdcast: Na buinn òir

Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.

2023-10-19
Länk till avsnitt

Mòdcast 2023: Am Mòd air ais am Pàislig

Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.

2023-10-13
Länk till avsnitt

Sabhal Mòr Ostaig agus Slèite

Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite

2023-09-29
Länk till avsnitt

Stiùbhart MacRath Chonchra

Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.

2023-09-22
Länk till avsnitt

Turas Johnson agus Boswell air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.

2023-08-28
Länk till avsnitt

Stèidheachadh GMA

Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.

2023-06-30
Länk till avsnitt

Eilthireachd: SS Metagama

100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.

2023-05-02
Länk till avsnitt

Eilthireachd: SS Marloch

100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.

2023-05-02
Länk till avsnitt

MND

Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.

2023-04-03
Länk till avsnitt

Reactaran Sgoil MhicNeacail

Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.

2023-03-17
Länk till avsnitt

Dìleab Shobhietach Estòinia

Annabel Nic ?Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.

2023-03-16
Länk till avsnitt

Sequamur: Stèidheachadh Sgoil MhicNeacail

150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.

2023-03-15
Länk till avsnitt

Luchd-imrich Albàinia

Annabel Nic ?Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.

2023-03-09
Länk till avsnitt

Là Aillse na Cruinne

Màiri Riddoch a' bruidhinn ris an Oll Kay NicLeòid bho Oilthigh Chicago is Là Aillse na Cruinne ann Disathairne.

2023-02-03
Länk till avsnitt

Casg-breith sa Phòlainn

Annabel Nic ?Illinnein a' còmhradh ri Eilidh NicÌomhair air mar chaidh laghan air casg-breith a theannachadh sa Phòlainn, is i air tadhal air an dùthaich airson a' phrògraim Eòrpa.

2022-12-19
Länk till avsnitt

'Chan eil e cho furasta a bhith òg?

Màiri Riddoch ann an còmhradh ri Kirsteen NicIlleChiar mu bhuaidh staing Covid-19 air cloinn is an taic a th' ann dhaibh.

2022-12-16
Länk till avsnitt

Stòras Uibhist

Shona NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Tormod MacAsgaill bho Stòras Uibhist mu na prìomhachasan is dùbhlain a tha ron bhuidhinn.

2022-12-06
Länk till avsnitt

Flòraidh NicDhòmhnaill

Bu chòir barrachd a dhèanamh den cheangal eadar Flòraidh NicDhòmhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach, agus Uibhist. Sin a rèir fhir a tha càirdeach rithe is a tha air a bhith a' rannsachadh a beatha. Tha 300 bliadhna bho rugadh Flòraidh. Tha ceist air Tòmas MacDhòmhnaill ge-tà, mu dè cho faisg air an fhìrinn 's tha cuid de na tha sgrìobhte mu deidhinn. Bhruidhinn Shona NicDhòmhnaill ris.

2022-10-26
Länk till avsnitt

Mòdcast: Dualchas Siorrachd Pheairt

Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt, tha Taghta a' coimhead ri dualchas na Gàidhlig san sgìre mun cuairt.

2022-10-21
Länk till avsnitt

Mòdcast 2022

Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, air thoiseach air Mòd Pheairt.

2022-10-14
Länk till avsnitt

Turas Rìoghail

An t-Urr. Iain Urchardan ag innse do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu chothrom a bh' aige deireadh-seachdain a chur seachad còmhla ris a' Bhanrigh nach maireann is buill eile den Teaghlach Rìoghail aig Baile Mhorail bho chionn grunn bhliadhnaichean.

2022-09-13
Länk till avsnitt

Cnoc Soilleir

Bha clach-mhìle mhòr an Uibhist a Deas agus an an t-ionad culturail, Cnoc Soilleir, ga fhosgladh gu h-oifigeil. Tha Shona NicDhòmhnaill a? bruidhinn ri cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais, mun t-slighe fhada chun na h-ìre seo, is dè tha romhpa leis a? phròiseict a-nise.

2022-09-06
Länk till avsnitt

Iseabail Gowdie

Magaidh NicFhionghain a' bruidhinn ri Màiri Kidd mu Iseabail Gowdie is taisbeanadh ùr mu beatha air fosgladh ann an Inbhir Narann, is còmhradh cuideachd mu bhoireannaich eile a chaidh a chur gu bàs fo chasaid gun robh iad nam bhana-bhuidsichean.

2022-09-01
Länk till avsnitt

Slàinte Bhoireannach

A' bhuaidh a tha dìth fiosrachaidh is tuigse air gnothaichean slàinte a' toirt air beatha mòran bhoireannach

2022-08-05
Länk till avsnitt

Taghta: Àranais

Tha Aonghas Dòmnullach a' beachdachadh air eachdraidh gàrradh-ola Àranais agus a' bhuaidh a bh' aige air Leòdhas.

2022-08-04
Länk till avsnitt

Ceòlas aig Cnoc Soilleir

Shona NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Shona Masson bho Cheòlas mu dhachaigh ùr na buidhne ann an Cnoc Soilleir

2022-07-13
Länk till avsnitt

Fasan agus an Àrainneachd

Tha Anndra MacFhionghain a' beachdachadh air a' bhuaidh a tha gnìomhachas an fhasain a' toirt air an àrainneachd.

2022-07-02
Länk till avsnitt

Gàidhlig san dachaigh

Agallamhan le triùir eòlaichean mu na tha a dhìth gus Gàidhlig a neartachadh aig ìre na dachaigh

2022-06-17
Länk till avsnitt

Cogadh nan Eileanan Faclanach

Beachdan air Cogadh nan Eileanan Faclanach is 40 bliadhna bho thàinig e gu ceann.

2022-06-16
Länk till avsnitt

Clach-mhìle shònraichte am Barraigh

Fhad 's a bha Iùbailidh na Banrìgh a' dol, bha iad a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte eile am Barraigh is Peigi Haggarty à Borgh 100 bliadhna a dh'aois.

2022-06-14
Länk till avsnitt

Aonghas Lambkin

Agallamh le Aonghas Lambkin mun obair aige mar neach-cobhair leis na Dùthchannan Aonaichte an Afganastan, far an robh e ann an conaltradh gu cunbhalach leis na Taliban.

2022-05-24
Länk till avsnitt

An Taghadh Ionadail: A' Ghàidhealtachd

An tè-naidheachd Eileen NicDhòmhnaill air turas rathaid tro chuid de sgìrean na Gàidhealtachd air thoiseach air an taghadh ionadail sa Chèitean.

2022-04-28
Länk till avsnitt

Taghta: Mòr Bhrù

Eilidh NicLeòid a? cuimhneachadh air Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù.

2022-04-12
Länk till avsnitt

Kitty NicLeòid

Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Kitty NicLeòid à Nis - tè de shàr sheinneadairean Gàidhlig an 20mh linn.

2022-03-28
Länk till avsnitt

Sasainn Nuadh

Agallamh leis an Dtr Stiùbhart Dunmore bho Oilthigh Sussex mu phròiseact rannsachaidh ùr aig Harvard air cleachdadh na Gàidhlig ann an Sasainn Nuadh.

2022-03-24
Länk till avsnitt

Ann Urchadan

Angela NicIlleathain a' dèanamh luaidh air Ann Urchadan - an aona bhoireannach a-riamh a bha na Pròbhaist air baile Steòrnabhaigh.

2022-03-14
Länk till avsnitt

An Cogadh Fuar

Calum MacLeòid le sùil air ais air deireadh a' Chogaidh Fhuair an 1992 is ceistean às ùr mun chàirdeas eadar sear is siar.

2022-02-15
Länk till avsnitt

Colonachd

Taghta a? cluinntinn bhon Dtr Mairead Connell-Szasz agus Scott Moireasdan, a bha an sàs ann an deasbad air-loidhne mu cholonachd, na Gàidheil, is Tùsanaich Aimeireagaidh a Tuath.

2022-01-24
Länk till avsnitt

Taghta: Bochdainn

Tha sgioba Taghta a' beachdachadh air bochdainn agus mar a tha sin a' bualadh air teaghlaichean ann an Alba.

2021-12-14
Länk till avsnitt

Taghta: Duanag do Mhàbu

Dòmhnall Pollock ag aithris air leasachaidhean a thaobh na Gàidhlig ann am Màbu ann an Eilean Cheap Breatainn

2021-11-18
Länk till avsnitt

Taghta: COP26

Darren Linc a'còmhradh ri Niall O'Gallagher, Mìcheal MacNèil & Calum MacAmhlaigh mu COP26

2021-11-09
Länk till avsnitt

Mòdcast 2021

Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 a' tòiseachadh an Inbhir Nis

2021-10-09
Länk till avsnitt

Taghta 13: Peadar MacUilleim

Sgeulachd iongantach Pheadair MhicUilleim à Inbhir Nis, ?an Gàidheal as cliùtiche ann am ball-coise a-riamh?. Tha Dòmhnall Pollock a' bruidhinn ri ogha Pheadair, Ceit Pheutan.

2021-09-28
Länk till avsnitt
Hur lyssnar man på podcast?

En liten tjänst av I'm With Friends. Finns även på engelska.
Uppdateras med hjälp från iTunes.